Breatannaich: Aon-chànanach gu bràth?

Catriona Galloway
5 April 2015

image courtesy of BBC

Image courtesy of BBC

 

Chan eil amharas sam bith ann gur e duthaich aon-chànanach a th’ann am Breatann; ‘s e duthaich le fìor droch cliù airson comas-labhairt ann an cànain a bharr air Beurla a th’ann. Chan e iongnadh a th’ann idir nach eil ach coig as a cheud dhen sluagh breatannach dà-chànanach, staitisteil nàireach ann an linn ioma-chànanach. Nuair a bhios Breatannaich a’siubhal thall-thairis, gu tric cha bhi iad eadhon a’ feuchainn bruidhinn san cànan dùthchasach air sgàth’s dhen creideamh gu bheil “a h-uile duine a’ bruidhinn Beurla”. Gu mi-fhortanach, gu tric ‘s e an fhìrinn a th’ann. Mar oileanach aig oilthigh glè eadar-nàiseanta, tha mi làn mòr-mheas aison an grunn dhe oigridh ioma-chànanach a tha cho comasach ann an Beurla gun urrainn dhaibh ga chleachdach airson obair acadaimigeach aig ìre cho àrd. Aig an aon àm, tha mi làn nàire nach eil an aon dealas do chànain againnse san Rìoghachd Aonaichte.

Ach carson? Carson a tha beachd an Rìoghachd Aonaichte a thaobh cànain cho diofraichte ri beachd ar nàbaidhean mòr-thìreach? Nam bheachd fhèin, ‘s ann air sgàth’s gur e Beurla cànan na cruinne. ‘S e Beurla an cànan dhe gnothachas; dhe poileataigs agus dioplòmasachd; dhe Hollywood is cultar “pop”. Gun Beurla, tha thu air a ghearradh dheth bho pàirt mòr dhen t-saoghal is, marsin, tha Beurla air fhacinn mar an dòigh airson a bhith soirbheachail. Leis gu bheil an buannachd cànanach seo aig Breatannaich mar-tha, chan eil togradh cho laidir aca airson cànan eile a’ ionnsachadh mar a th’aig Frangaich neo Spàinntich mar eisimpleir.

Mar sin, ciamar a ‘s urrainn dhuinn a’ chùis a’ dheanamh air an suidheachadh òglaidh seo? Leis gu bheil Beurla cho cumanta ann an cultar mòr-chòrdte (ceòl “pop”, fiolmaichean, sreathan telebhisean) tha e furasta do chuairticheadh leis, ach le cànain eile feumaidh tu barrachd oidhirp a’ dheanamh. Airson an adhbhar seo, tha mi dhen bheachd gum bu choir don riaghaltas barrachd brosnachadh a’ thoirt gu ionnsachadh cànain ann an sgoiltean bho aois glè òg. Bu choir do a h-uile oigridh an àrd-sgoil fhàgail le comas ann an cànan a bharrachd air Beurla. A bharrachd air poileasaidhean foghlam, ge-tà, feumaidh beachd an nàisean atharrachad gu mòr: chan e Beurla an cànan as cudromaiche san t-saoghal is mar luchd-labairt Beurla cha bu chòir do faireachdainn dhe uachdarachd a bhith again riamh.

gaelic-article-about-monolingualism

Leave a Reply

Your email address will not be published. Required fields are marked *